Canan and Cultar/Language and Culture: Rannsachadh Na Gaidhlig 8

Canan and Cultar/Language and Culture: Rannsachadh Na Gaidhlig 8

Canan and Cultar/Language and Culture: Rannsachadh Na Gaidhlig 8

Canan and Cultar/Language and Culture: Rannsachadh Na Gaidhlig 8

Synopsis

This collection of essays - with six papers in English text and seven papers in Gaelic text - by some of the foremost scholars of Gaelic and Celtic studies, includes essays on aspects of Gaelic literature, language, material culture, oral tradition, and history. The essays are based on papers and conversations held during the fourth Rannachadh na Gaidhlig conference, which took place at Sabhal Mor Ostaig, Isle of Skye, in 2006.

Excerpt

1
Uinneag dhan Àird an Iar: Leanailteachd Crutha
ann an Dùthchas nan Gàidheal

Meg Bateman agus John Purser

Sabhal Mòr Ostaig

Bho chionn grunn bhliadhnachan a-nis tha mi-fhìn is John Purser an sàs ann am pròiseact, ‘Uinneag dhan Àird an Iar’, eadar oilthigh Dhùn Dè agus Sabhal Mòr Ostaig, is sinne a’ rannsachadh ealain na Gàidhealtachd. Fhad’s a bhiodh ar co-obraichean a’ cnuasachd ceist mar ‘Ciamar a chunnacas am boireannach anns an dealbh An Islay Woman?’ le càch, bha sinne a’ cnuasachd mar a chitheadh am boireannach fhèin an saoghal.

Tha sinn a’ feuchainn ris na structaran smaoineachaidh a shònrachadh leis am biodh na Gàidheil tro na linntean a’ faicinn an t-saoghail. Chan eil sinn ag ràdh gu bheil feart sam bith riatanach do lèirsinn nan Gàidheal, ach, aig an aon àm, chan eil sinn ag iarraidh sealladh dùthchasach fa leth a leigeil seachad. Ged nach rachadh mòran le Sapir agus Whorf san latha an-diugh nach gabh smuaintean eadar-theangachadh eadar cànain, tha e do-sheachanta gu bheil gach cànan a’ daingneachadh dhòighean smaoineachaidh fa leth (Deutscher, 2011). Mar eisimpleir, ma nì sinn coimeas eadar cha mhòr peantair sam bith bho thaobh a-muigh na Gàidhealtachd agus Uilleam Mac an t-Sagairt (1835– 1910), Gàidheal à Cinn Tìre, chì sinn gu bheil an t-àite aig na daoine anns na dealbhan aigesan gu math eadar-dhealaichte. Anns na dealbhan aig càch, tha na daoine faisg oirnn ann am meadhan an deilbh; anns na dealbhan aig Mac an t-Sagairt tha rudan mòra a’ tachairt fad às – mòr do dhaoine, ach de bheagshuim do nàdar, agus tha na daoine gu tric mar fhaileas air an dùthaich (faic, mar eisimpleir, The Emigrant Ship, the Coming of Saint Columba no Running for Shelter). An e gu bheil cultar na Beurla agus cultar na Gàidhlig a’ riochdachadh an àite aig mac-an-duine san àrainneachd ann an dòighean eadar-dhealaichte?

Ghabh am pròiseact ainm bhon dàn ‘Hallaig’ aig Somhairle MacGill-Eain (1991, td. 226):

Search by... Author
Show... All Results Primary Sources Peer-reviewed

Oops!

An unknown error has occurred. Please click the button below to reload the page. If the problem persists, please try again in a little while.